Oidhche mhath leibh

1 [E]
Cha’n ‘eil inneal ciùil a ghleusar,
Dhùisgeas smuain mo chléibh gu aoibh
Mar ni duan ‘o bheòil nan caileag;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

There is not a musical instrument that is played
Which awakens the thoughts of my heart to joy
As does a song from the lips of the lassies,
Goodnight and blessings upon you.

Séist [C#]
Soiridh leibh ‘s oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Farewell and goodnight to you,
Goodnight and blessings upon you;
let me wish health always to be with you,
Goodnight to you and blessings upon you.


2 [E]
‘S guth gu ‘m chridhe pong nan òran,
Caidir sòlais òigridh ‘seinn;
Aiteal ciùin air làithean m’òige;
Sonas a bhi’n còmhnuidh leibh.

Séist [C#]

3 [E]
Mathair uisge ‘n tobair fhìoruisg’,
Cainnt ar sinnsir brìgh na loinn;
‘S faochadh tlàth o ànradh m’inntinn,
‘Nuair bheir rann na glinn a’m chuimhn’,

Séist [C#]

4 [E]
Grian cha laidh an nochd air mìltean,
Leis am binn a fuinn ‘s a roinn,
‘S do’m bi’n sgeul ‘na mhór thoil-inntinn
Dh’innseas dhaibh gu’n robh sinn cruinn.

Séist [C#]

5 [E]
Astar cuain cha dean ar sgaradh,
‘S dùrachd daimh am bannaibh toinnt’;
Gleidh an t-àgh na dh’fhàg a bheannachd;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Séist [C#]

6 [E]
Thuit ar crann air saoghal carach;
‘S coma sud, tha ‘mhaitheas leinn;
“Bidh sinn béo an dòchas ra-mhath,”
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Séist [C#]

Advertisements

One thought on “Oidhche mhath leibh

Comments are closed.